![]() |
![]() |
||
This is a free Spanglefish 1 website. | ||
1. Hè Hè, a Thè ÀlainnHè hè, a thè àlainn Gu dè a tha san àmhainn Dè mu dheidhinn rudeigin blàth a thoirt dhomh fhèin? Hè hè, a thè chòir thu Nach dèan sinn rud 's dòcha Biadh is lòn le stuthan measgt' le chèil'? 'S ann a th' agam-sa carbad 's sparan làn Nach dìrich sinn an an cnoc gu bhàrr Bidh deoch ri fhaighinn agus dannsa beò Nach tig thu 'm chòir masa math leat spòrs? Is saor mi agus deònach Bhith daonnan riut stòlda Nach bi tu 'm chuideachd 's chòir 's a' dol leam fhèin? Tèile chan iarr mi Os tu an tè a fhuair mi Dè mu dheidhinn d' ùine chumail saor dhomh fhèin? Tilgeam leabhar nam ban thar dìg 'S gheibh mi fear às ùr nach daor Cumaidh mi sin gun tig air aois - Oir air gach bileag bidh d' ainm sgrìobht'... Nòtaichean: Chaidh mi fhìn is Seòidín gu ionad Àros ann am Port Ruighe gus "The Wilders" fhaicinn, agus rinn iadsan an òran ainmeil seo nan dòigh fhèin - agus 's e sin a ghin annam leagan Gàidhlig a chur ri chèile. 'S e ainm Beurla an òrain ach "Hey, Good Lookin', What You Got Cookin'"! My wife and I attended the Aros centre in Portree to see The Wilders, and they did their own version of this renowned song - and that spurred me to make up a Gaelic version. 2. Delilah (le Tòmas Mac Eòghainn) Chunnaic mi 'n solas san fheasgar a' dol seachad air h-uinneig Chunnaic mi faileas a' ghaoil mar dhrithleann na sgàil B' i bha nam bhoireannach Ach mheall i mise 's mi a' coimhead 's a' dol às mo chàil... Sèist: Òbh obh obh, Delilah Ciamar ciamar ciamar, Delilah? 'S mi a chì nach math an tè ud dhomh fhìn Ach 's mi a bha caillte mar thràill 's nach saoradh neach mi. Beul an latha 's am fear ud a' falbh 's mi a' feitheamh Tarsainn na sràide leam fhìn 's ann dh'fhosgail i 'n còmhl' 'S i sheas le gàire 'S ghlac mi an sgian nam làimh 's bha a gàire gun bheò... Sèist Pìos Ciùil 'S i sheas le gàire 'S ghlac mi an sgian nam làimh 's bha a gàire gun bheò... Òbh obh obh, Delilah Ciamar ciamar ciamar, Delilah? 'S mas tig iad ann gus doras mo thaigh a chur cam Thoir mathanas dhòmhsa, Delilah, oir ruig mi mo cheann Thoir mathanas dhòmhsa, Delilah, oir ruig mi mo cheann. Nòtaichean: Chaidh iarraidh orm - tro chuideigin eile - seo a thionndadh gu Gàidhlig. 'S e sin a rinn mi - agus tha mi an dòchas gu bheil àmhghair àbhachdach an òrain glèidhte agam ann an seo! I was asked - through another party - to turn this song into Gaelic. That's what I did - and I hope I have preserved the song's comedic misery! Barrachd thionndaidhean ri leantainn / more translations to follow....
| ![]() ![]() ![]() |
|
![]() |