SpanglefishFas Mor | sitemap | log in
Spanglefish Gold Status Expired 28/08/2011.

UAIREAN OBRACH

Diluain gu Dihaoine

Tha an t-ionad fosgailte bho 8.45m gu 5.30f

Club às dèidh na Sgoile

Bidh an Club às dèidh na Sgoile ann eadar 3.15f agus 5.30f rè teirm na sgoile agus eadar 9m agus 5.30f tro na làithean saora 's air làithean in-sheirbheis (ach a-mhàin aig àm na Nollaige nuair a bhios sinn dùinte).

 

CÌSEAN

Corra Uair:

0-6 mìosan: £4.50
6 mìosan - 3 bliadhna: £4.00
3-12 bliadhna gach: £3.50

Reit Làitheal:

0 mìosan - 3 bliadhna: £28
3-12 bliadhna: £23

Reit Sheachdaineil:

0 mìosan - 3 bliadhna: £130
3-12 bliadhna: £105

Club às dèidh na sgoile:

5-12 bliadhna 3.15f-5.30f : £5.00

Cùmhnantan Àiteachan/Pàigheadh Chìsean:

* Feumar na cìsean uile a phàigheadh ro làimh.
* Feumar pàigheadh airson a h-uile h-aite a thèid a chur air dòigh.
* Mas fheudar àite a chur dheth, feumar innse dhan ionad co-dhiù seachdain ro làimh.

 

ÀITEACHAN

Clàradh agus Tadhal Ro Chlàradh:

Tha Fàs Mòr a' brosnachadh phàrantan/luchd-cùraim gu tighinn a thadhal air an ionad còmhla ri an cuid cloinne mus clàraich iad iad. Dh'fhaodadh e cuideachadh le ur clann a shocrachadh ma thadhlas iad mus tig iad gu cunbhalach; bu chòir gun cuireadh seo às do dh'iomagain/imcheist sam bith a bhiodh air ur cloinn. Ma thadhlas sibh air an ionad ro làimh, chan eil e idir a' ciallachadh gum feum sibh ur clann a chlàradh no àite a ghabhail. Ma tha sibh airson tadhal oirnn, cuiribh fòn chun an ionaid agus bruidhnibh ris a' Mhanaidsear no an Leas-mhanaidsear.
 

A' cur àite air dòigh do ur cuid cloinne:

Leis mar nach eil mòran àiteachan ann, b' fhiach àite a chur air dòigh do ur cuid cloinne greis ro làimh (co-dhiù seachdain). 'S dòcha gum faodaist nochdadh air an latha fhèin, ach chan urrainn dhuinn ràdh le cinnt gum bi àite ann dhuibh. Air an adhbhar sin, na cuiribh ur cuid cloinne dhan ionad gun inbheach còmhla riutha mura deach àite a chur air dòigh dhaibh ro làimh. Nuair a tha sibh a' cur àite air dòigh, an innis sibh dhan luchd-obrach cuin a thig 's a dh'fhalbhas ur clann. Ma chuireas an t-ionad liosta feithimh air dòigh, 's e a' chiad neach a dh'iarras àite a gheibh e, air no thig an t-ionad fhèin gu co-dhùnadh.
 

A' fàgail 's a' togail na cloinne:

Tha fàgail is togail na cloinne an urra ri pàrantan/luchd-cùraim. Air sàilleabh amannan-obrach an luchd-obrach, feumar a bhith air an uair. Mar sin dheth ma thèid pàiste a thogail còrr is 5 mionaidean às dèidh deireadh an t-seisein, thig oirbh cosgais a bharrachd fiach £10 a phàigheadh.
 

Clann a tha dheth:

Ma bhios ur clann aig Fàs Mòr làn-ùine no ma chaidh àite a chur air dòigh dhaibh, tha e cudromach gun innis sibh dhuinn ma tha iad gu bhith dheth.
 

Briseadh Seirbheis:

Nì sinn ar dìcheall seirbheis cùraim fad latha a thoirt seachad, ach an-dràsta 's a-rithist togaidh rudeigin ceann a bheir oirnn an t-seirbheis a bhriseadh. Dh'fhaodadh droch thìde no dìth dealain buaidh a thoirt air an ionad. Ma thachras an leithid nì sinn ar dìcheall fios fhàgail agaibh.
Click for MapSSPC - Property in Scotland
sitemap | cookie policy | privacy policy