SpanglefishFas Mor | sitemap | log in
Spanglefish Gold Status Expired 28/08/2011.

SINNE

FÀILTE
 
Fàilte do dh'Fhàs Mòr – tha sinn an dòchas gun còrd e ri ur pàiste a bhith còmhla rinn. Tha a' bhileag seo ann airson fiosrachadh cudromach a thoirt dhuibh mu obair an ionaid. Tha sinn a' leantainn phoileasaidhean aontaichte agus cha b' uilear do phàrantan/luchd-cùraim an leughadh 's an tuigsinn agus atharrachaidhean a mholadh mar a chì iad iomchaidh. Tha liosta de na poileasaidhean anns a' bhileig seo agus tha lethbhreacan dhiubh aig a' Mhanaidsear.
 
'S e buidheann carthannais a th' ann 's mar sin 's ann bho na cìsean a phàigheas pàrantan/luchd-cùraim a tha tuarastal agus cosgaisean obrach an ionaid a' tighinn. 
 
Aithris Rùin:
Bheir Fàs Mòr àite sàbhailte, buan do chlann agus daoine òga a tha a' fuireach ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich no a' tadhal. 'S e an rùn againn math, slàinte is foghlam clann aois dusan bliadhna 's nas òige a thoirt gu ìre le cùram clàraichte teisteanaichte ann an àrainneachd chofhurtail, bhrosnachail tro mheadhan na Gàidhlig.
 
Poileasaidh Inntrigidh:
Tha poileasaidh fosgailte aig Fàs Mòr a thaobh inntrigidh, a' cur air adhart chothroman co-ionann 's a' feuchainn ri cur às do thaobhachd ann an creideamh, cinneadh, ciorram, slàinte, gnè no adhbhar sam bith eile.
 
Greimean-Bìdh:
Bheir sinn seachad greim-bìdh aotrom, fallain às dèidh na sgoile rè teirm na sgoile agus aig seiseanan maidne is feasgair tro na làithean saora no air làithean in-sheirbheis. Ach aig seiseanan fad an latha (rè làithean saora/in-sheirbheis), feumaidh a' chlann bocsa bìdh a thoirt leotha. An dèan sibh cinnteach gu bheil ainm a' phàiste air a' bhocsa. Chan eil suiteis no deochan milis ceadaichte a chionn 's gu bheil iad a' dol an aghaidh a' phoileasaidh a th' againn air biadh fallain. Air an fhoirm chlàraidh bu chòir dhuibh innse dhuinn a bheil biadh sam bith ann a tha na chunnart dhan chloinn agaibh.
 
Aodach & Stuth Pearsanta:
Bu chòir ainm ur pàiste a bhith sgrìobhte air gach ball-aodaich is nì pearsanta aige/aice. Thathar ag iarraidh air a' chloinn brògan le bonn bog no slioparan a chur orra am broinn an togalaich. An dèan sibh cinnteach cuideachd gum bi aodach aig ur cloinn a chuireas iad orra a-muigh 's a fhreagras air an àm den bhliadhna.
 
Tha sinn a' tuigsinn gum bi feadhainn den chloinn airson rud a thoirt leotha a nì furtachd orra, m.e. dèideag bhog no plaide. An ainmicheadh sibh iad. B' fheàrr gun dèideagan beaga a thoirt ann a ghabhadh call no briseadh.
 
Modh:
Tha sinn a' brosnachadh na cloinne gu bhith measail air an àrainneachd, air càch a chèile 's air na h-inbhich a tha ag obair san ionad. Bidh sinn ag amas air dòigh leantainneach, chothromach, chòir a chleachdadh airson modh a bhrosnachadh sa chloinn. Tha sinn a' tuigsinn gur e àm cur-seachad a tha seo 's chan eil cus riaghailtean ann. Bidh sinn a' brosnachadh modh na cloinne còmhla ris a' chloinn fhèin.
 
Cur-seachadan:
Tha e san amharc aig Fàs Mòr taghadh farsaing de chur-seachadan a chur fa chomhair na cloinne airson an leasachadh pearsanta aca a thoirt gu ìre. Gabhaidh sinn gu deònach ri beachdan sam bith aig pàrantan/luchd-cùraim no ri dèideagan is uidheamachd ann an deagh staid. Tha cùil bheag ann far am faod a' chlann obair-sgoile no cur-seachadan sàmhach eile a dhèanamh. Innsibh dhan luchd-obrach ma bhios sibh airson 's gun dèan a' chlann agaibh an obair-sgoile aig an ionad, ach ma dhiùltas iad a dèanamh feumaidh sinne gabhail ri sin. Cha chuir sinne ar n-ainm ri leabhraichean obair-sgoile.
 
Cuairtean:
Thèid innse do phàrantan/luchd-cùraim ro làimh ma tha cuairtean anns an amharc, agus thèid iarraidh orra an ainm a chur ri foirm cheadachaidh. Nuair a bhios inbhich gu leòr ann 's dòcha gun tèid cuairtean impromptu a ghabhail chun na pàirce no eile.
 
Slàinte is Fallaineachd
Air adhbharan slàinte san fharsaingeachd cha bu chòir do chloinn tighinn dhan ionad ma tha droch chnatan, an spùt, tinneas geal na sùla no galar gabhaltach sam bith eile orra. Feuch nach cuir sibh pàiste tinn a dh'Fhàs Mòr. Ma dh'fhàsas ùr pàiste tinn, nì sinn ar dìcheall fios fhaighinn thugaibh. Bidh Fàs Mòr a' gabhail air fhèin pàiste a thoirt dhan ospadal an àm èiginn.
 
Innsibh dhuinn mu ghalar gabhaltach sam bith gus an tèid againn air rabhadh a thoirt do phàrantan/luchd-cùraim eile.
 
Galar/Tinneas                          Àm cumail air falbh
Teodhachd                                          24 uair a thìde
Dìobhairt                                           Co-dhiù 24 uair a thìde
Galar geal na sùla                                Co-dhiù 48 uair a thìde, gus an
sguir na sùilean a shileadh
An spùt                                              Co-dhiù 48 uair a thìde
A' bhreac                                           5 latha bhon a nochd a' bhroth
Gastro-enteritis                                  Gus an toir an dotair cead
Hepatitis gabhaltach                           7 latha bhon a nochd a' bhuidheach
A' ghriùthlach                                     5 latha bhon a nochd a' bhroth
Gabhaltachd mheningococcal                 gus am fàsar nas fheàrr
An tinneas plocach                               Co-dhiù 10 latha, gus an tèid                                                                an t-at sìos
An triuthach                                       21 latha bhon a nochd an droch chasad no 5 latha bhon antibiotic
Poliomyelitis                                       Gus an toir an dotair cead
Rubella (A' ghriùthlach                        5 latha bhon a nochd a' bhroth
             Ghearmailteach) 
Am fiabhras dearg                              2 latha bho thoiseach an leighis
A' chaitheamh                                     Gus an toir an dotair cead
Fiabhras a' chaolain                            Gus an toir an dotair cead
A' charr                                             Gus am bi an craiceann slàn
Foinne air bonn na coise                       Na cum air falbh - còmhdaich am
foinne gus am falbh e
Darrag chuairteach air a' chlaigeann     Na cum air falbh às dèidh an leighis
Darrag chuairteach air a' bhodhaig       Na cum air falbh às dèidh an leighis
An tachas                                           24 uair a thìde às dèidh an leighis
Mialan cinn                                         Cumaibh sùil orra gach seachdain,
faighnichibh mura h-eil sibh cinnteach mun leigheas
 
Cungaidhean leighis:
Mas àbhaist dhan phàiste agaibh a bhith a' faighinn chungaidhean leighis, an innis sibh dhuinn air an Fhoirm Chlàraidh mar a thèid an cur gu feum. Ma tha cungaidh leighis aig ur pàiste airson ùine ghoirid, feumaidh sibh foirm cungaidh leighis a lìonadh 's a thoirt dhuinn, agus ma tha ur pàiste sean gu leòr feumaidh e/i a ghabhail air a cheann/ceann fhèin. Bu chòir cungaidhean leighis a thoirt do Mhanaidsear an Ionaid agus cuiridh i ann am Bocsa na Ciad Chobhrach iad gus am bi iad rin cleachdadh le comhairle. Bidh innealan analachaidh an urra ris a' chloinn fhèin agus bu chòir dhaibh an cumail aca 's innse dhan luchd-obrach gu bheil iad aca. Airson tuilleadh fiosrachaidh faighibh lethbhreac de phoileasaidh Slàinte is Sàbhailteachd againn bho neach-obrach.
 
Luchd-obrach:
Tha an luchd-obrach uile air an clàradh, no gan clàradh, aig Disclosure Scotland (sgrùdadh air eachdraidh phearsanta feuch a bheil cuideigin freagarrach airson a bhith an lùib cloinne). Gus am bi daoine air an clàradh ceart, cha tèid am fàgail nan aonar leis a' chloinn. Tha cuideigin le teisteanas ann an Ciad Chobhar daonnan anns an ionad.
 
Pàrantan/Luchd-cùraim an sàs:
'S math gum bi pàrantan/luchd-cùraim an sàs ann an obair an ionaid air fad, eadar a bhith nam buill den chomataidh stiùiridh, a' tighinn air cuairtean còmhla rinn no a' cuideachadh le trusadh airgid. Nach bruidhinn sibh ris a' Mhanaidsear no an Leas-mhanaidsear ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann an obair an ionaid. Thèid luchd-cuideachaidh saor-thoileach a thaghadh le Bòrd nan Stiùirichean.
 
Trioblaidean/Gearainean:
Ma tha trioblaidean/gearainean agaibh a thaobh Fàs Mòr, nach bruidhinn sibh rinn anns a' bhad. Bu chòir dhuibh, anns a' chiad dol a-mach, bruidhinn ris a' Mhanaidsear no an Leas-mhanaidsear. Tha e an urra riuthasan adhbharan gearain/molaidhean (agus an toradh) innse don chomataidh stiùiridh. Air an làimh eile no mura h-eil sibh riaraichte leis an fhreagairt a fhuair sibh, faodaidh sibh ur gearainean a chur ann an sgrìobhadh. Gheibh sibh freagairt sgrìobhte air ur gearain/moladh taobh a-staigh 10 làithean obrach às dèidh na h-ath choinneimh den chomataidh. Mura h-eil sibh riaraichte le toradh ur gearain/molaidh, faodaidh sibh a dhol dìreach gu Coimisean a' Chùraim.
Ruigidh sibh Coimisean a' Chùraim (an oifis ionadail) aig 01463-227630 no an oifis Roinneil aig 01224-793870. 'S e Coimisean a' Chùraim bhuidheann riaghlaidh cùram-cloinne ann an Alba.
 
Poileasaidhean & Dòighean-obrach:
Gheibh sibh lethbhreac den a h-uile poileasaidh san liosta seo ann an Leabhar-làimhe an ionaid a th' aig an luchd-obrach. Tha e mar fhiachaibh air gach pàrant/neach-cùraim na poileasaidhean agus dòighean-obrach seo a leughadh. Tha an luchd-obrach an-còmhnaidh ann airson ceistean a fhreagairt.
 
Poileasaidh air So-ruigsinneachd
Poileasaidh air Inntrigeadh
Poileasaidh air Droch Shìde
Dòigh Measaidh Dreuchd
Poileasaidh air Dìon Cloinne
Foirm Dìon Cloinne
Poileasaidh air Dùnadh
Modh - Clann
Modh - Luchd-obrach agus Saor-thoilich
Modh - Comataidh agus Luchd-obrach
Poileasaidh air Gearainean (Pàrantan/Luchd-cùraim agus Clann)
Poileasaidh air Dìomhaireachd
Comhairleachadh le Clann
Poileasaidh air Dìon Dàta
Poileasaidh agus Nòsan air Smachdachadh
Poileasaidh air Cothroman Co-ionann
Poileasaidh agus Nòsan air Eu-ceartas
Poileasaidh air Slàinte is Sàbhailteachd
·        Measadh Cunnairt & Liosta Sàbhailteachd
·        Ciad Chobhar
·        Tinneas aig an Ionad
·        A' togail gu sàbhailte
·        Sàbhailteachd Uidheamachd Dealain
·        Clann air Chall
·        Fòirneart
Fòrladh Pearsanta is Teaghlachail
Spioraid a' Chluiche aig Fàs Mòr
Poileasaidh air Cumail Chlàran air Adhbharan Sàbhailteachd
Stiùiridhean air Poileasaidh is Nòsan Trusaidh is Taghaidh
Poileasaidh air Aideachadh Poblach
 
Ceistean:
Tha na ceistean, molaidhean is beachdan agaibh a' cunntadh. Ma tha ceistean no molaidhean agaibh mu dhòighean an ionaid, no ma tha dragh oirbh mu ur pàiste, nach bruidhinn sibh ris a' Mhanaidsear no an Leas-mhanaidsear.
 
A' Conaltradh Rinn:
Fònaibh: 01471 888366 (rè amannan obrach)
 
Sgrìobhaibh:
Fàs Mòr
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
 
SC036011
 
Luchd-dreuchd:
Cathraiche: Flora NicIlleathain
Rùnaire: Fiona NicFhionghain
Manaidsear an Ionaid: Lisa Corse

 

Click for MapSSPC - Property in Scotland
sitemap | cookie policy | privacy policy