SpanglefishStrathpuffer | sitemap | log in
Spanglefish Gold Status Expired 17/06/2011.
Strathpuffer24
09 September 2009
Strathpuffer24
 
Thathar a’ creidsinn gu bheil an Strathpuffer24 an aon rèis rothar beinne 24-uair a thèid a chumail a gheamhradh air aghaidh an t-saoghail. Ann an ceann a tuath na h-Alba tha sin a’ ciallachadh 17 uairean de dhorchadas! 
Thèid an tachartas a chumail ann an coilltean faisg air Srath Pheofair, 6 mìle an iar air Inbhir Pheofharain. Tha an cùrsa 11cm a dh’fhaid agus tha e a’ gabhail a-steach an dà chuid rathaidean leathann na coille agus slighean caol tro fhearann cas agus dùbhlanach. ’S iad Strathpuffer Earr., buidheann dhealasach de luchd-rothair, a bhios ga chur air dòigh, agus tha e a’ faighinn taic bho iomadh gnìomhachas ionadail is urraidhean. Tha an rèis a’ faighinn mòr-mholadh agus tha a-nis a’ tarraing àire luchd-rothair bho air feadh an àite. Bho chionn goirid, chaidh ainmeachadh mar an tachartas as fheàrr san RA leis an deasaiche aig irisean-rothair nàiseanta. Rinn an tachartas an t-uabhas gus spòrs rothar-beinne a thoirt air adhart san sgìre.
Click for MapWikanikoWork from Home
sitemap | cookie policy | privacy policy