Login
Get your free website from Spanglefish

2011-2012

Disathairne 1 Dàmhair 2011 aig 7.30f
‘Bridesmaids’ (15)

Comadaidh 2011 Na Stàitean 132 mionaid Str: Paul Feig
Tha Annie gu bhith na maighdinn aig banais caraid agus cha bheag an t-àmhghar an sin dhìse: chan eil sgillinn ruadh aice agus, a thaobh gaoil, chan eil i ach a’ caoidh a dòchais.
Dihaoine 28 Dàmhair aig 11m
‘The Lost Thing’ & Filmichean goirid eile
Dealbh bheò Aois 8+ Mu 50 mionaid
Seallaidhean an-asgaidh do chloinn Bun-sgoil Shlèite. Tha gille a’ lorg creutair sònraichte air an tràigh agus a’ miannachadh dachaigh a lorg dha.
2f     ‘Dhan fheadhainn bheaga’
Dealbhan beò Aois 3+ Mu 50 mionaid An-asgaidh
Filmichean goirid cruthachail agus tlachdmhor.
Disathairne 29 Dàmhair aig 3f
‘Light of the River’
Dealbh bheò teaghlaich à Iapan 2010 75 mionaid Aois 6+
Tha aig teaghlach laghach de radain ri dachaigh chofhurtail, bhlàth fhàgail nuair a thig na diogairean is clachairean man claigeann. Dealbh air an deach duaisean a bhuileachadh.
7f     ‘Louder than a bomb’
Dealbh aithriseach 2010 Na Stàitean 99 mionaid
Do dh’inbhich is dhaoine òga Aois 12+
Dealbh aithriseach a’ leantainn triùir dheugairean à dachaighean glè eadar-dhealaichte is iad a’ dèanamh deiseil airson na fèis bliadhnail, ‘Louder than a Bomb!’, ann an Chicago. Fèis bhàrdachd ‘slam’ a tha seo far am bi dàin air an èigheach a-mach mar òrain rap agus an òigridh a tha san èisteachd a’ gairm le faram air ais. Tha an dealbh seo a’ cur an cèill mar a thogas bàrdachd cridhe ’s inntinn.
Là na Sàbaid 13 Samhain aig 7.30f
‘Kes’

1969 An RA 110 mionaid PG (13) Str: Ken Loach
Gille de na daoine cumanta à dachaigh bhriste a tha a’ caitheamh a chairtealan ag altram ’s ag ionnsachadh seabhag a tha e a’ cumail mar pheata. Tha Kes a’ sgèith mar dhòchas air iteig, agus a’ toirt aislingean Billy leatha.
9.30f ‘Le Gamin au Vélo’ / ‘An Gille leis an Rothair’
2011 A’ Bheilg 87 mionaid le fo-thiotalan Str: Jean-Pierre & Luc Dardenne
Na bràithrean Dardenne a’ dearbhadh aon uair eile gu bheil liut shònraichte aca air caractaran brùite a dhealbh aig a bheil saoghal cruaidh san Fhraing. Tha fear òg, is athair air a thrèigsinn, a’ tachairt ri tè Samantha (Cecile de France nam buadh!), a tha na gruagaire sa bhaile faisg air. Tha ise a’ gabhail a chùram. Èifeachdach on mhionaid a tha iad a’ coinneachadh ri chèile a-mach.
Là na Sàbaid 4 Dùbhlachd aig 7.30f
‘Jodaeiye Nader az Simin’  -  ‘Dealachadh’ 

2011 Iran 123 mionaid PG (13) le fo-thiotalan
Tha roghainn aig càraid phòsta: am fàg iad Iran airson gach cothrom a thoirt dhan phàiste aca; no am fuirich iad ann gus coimhead às dèidh pàrant a tha a’ fulang le Alzheimer’s  -  rud a tha cunnartach am pòsadh aca a bhriseadh? Dràma làidir o Asghar Farhadi, a th’ air a chliù a thoirt a-mach ann an iomadh dùthaich. Buannaiche an duais Golden Bear (am film as fheàrr) aig Fèis Eadar-nàiseanta Bherlin ann an 2011.
Disathairne 17 Dùbhlachd aig 7.30f
‘Trolljegeren’  -  ‘Sealgair nan Trolls’ 

2010 Nirribhidh 103 mionaid PG (13)
Film oillteachaidh Lochlannach le cleasan adhartach digiteach. Tha buidheann oileanach a’ gabhail orra fhèin rannsachadh a dhèanamh an dèidh do ghrunn mhathan bàs neònach fhaighinn. Ach ’s iomadh cunnart is càs a tha romhpa nuair a thòisicheas iad a’ leantainn sealgair dìomhair nan trolls.


Disathairne 14 Faoilleach 2012 aig 7.30f
‘Olympia: Teil  -  Fest der Völker’
‘Olympia:  Fèis nan Nàiseanan’ 

1938 A’ Ghearmailt 202 mionaid Str: Leni Riefenstahl
A’ bhliadhna Oileampaigeach  -  blasad de na tha romhainn. Tha dealbh Riefenstahl mu gheamannan Bherlin an 1936 a’ dèanamh moladh is geur-amharc air a’ bhodhaig  -  cuirp a’ gluasad mar bhàrdachd shiùbhlach, a’ phrosbaig a’ dlùthachadh ris na farpaisich air mhire-chatha.
Disathairne 28 Faoilleach aig 7.30f
‘La Piel que Habito’ (15) / ‘An Craiceann a th’ orm’

2011 An Spàinn 117 mionaid Str: Pedro Almodovar
Tha lannsair comasach air a bhuaireadh le nithean brònach nach urrainn dha leigeil às a chuimhne. Tha e a’ cruthachadh nàdar de chraiceann fuadain a sheasas ri dochann. Tha an tè dhìomhair, lasanta a tha na coinneanach-rannsachaidh dha na meadhan air na trioblaidean a th’ air aire a leasachadh.
Disathairne 11 Gearran aig 7.30f
‘Gold Diggers of ’33’ agus Laurel & Hardy 

1933 Na Stàitean Aonaichte 97 mionaid Str: Mervyn Leroy
Tha fear a bha na mhilleanair a’ toirt cosnadh le dealbh-chluiche ùr do chleasaichean air Broadway a tha gun obair. Comadaidh musical  -  Ginger Rogers le “We’re in the Money”. Cuairt an dèidh sin air slighe na cuimhne le Laurel & Hardy.


Disathairne 25 Gearran aig 7.30f
‘Elena’ 

2011 An Ruis 109 mionaid
Taitneach dhan fheadhainn as fheàrr leotha dealbh sparrach, sheaghach. A’ gluasad gu mall, mar an reothadh. Am fìorachas fuar, lom a tha a’ toirt a ghnè ’s a choltas dha ann on chiad shealladh a-mach. Phòs Elena is Vladimir is iad air tighinn gu latha. Tha esan rudeigin fuar, fad às, bha airgead aige. Cha robh ise cho math dheth, tha i na bean sholt, shochaireach dhàsan. Seo an dàrna pòsadh aig an dithis aca agus thog iad clann. Thig rud nan rathad a-nis a tha a’ dol gam feuchainn.


Disathairne 10 Màrt aig 7.30f
‘La Source des Femmes’  -  ‘An Tùs’
   
2011 An Fhraing 135 mionaid Str: Radu Mihaileanu
Comadaidh/dràma suidhichte am baile beag. Tha aimhreit air èirigh. Tha feise air a toirmeasg dha fir a’ bhaile. Cha sheall na boireannaich an taobh a tha iad gus am falbh iad gu tobar a tha pìos air falbh airson peilichean uisge a thoirt aiste.
Disathairne 24 Màrt aig 7.30f
‘Melancholia’ (15)

2011 136 mionaid Str: Lars von Trier
Tha planaid ùr, dhìomhair a’ teannadh dlùth ris an t-Saoghal agus cunnartach bualadh ann. Tha a chràdh fhèin an cois seo do dhithis pheathraichean a th’ aig ugannan a chèile. Sci-fi le Kirsten Dunst, Charlotte Gainsbourg agus Kiefer Sutherland. 


10f     ‘Breaking the Waves’ (18) 1996 159 mionaid Str: Lars von Trier
Dealbh a nochd Lars Von Trier tràth na dhreuchd. Ann an coimhearsnachd dhaingeann, chràbhaidh air Ghàidhealtachd tha tè òg, neochiontach, Bess MacNeil (Emily Watson), a’ tuiteam ann an gaol le Dànach, Jan, a tha ag obair air an ola. Air dha Jan a bhith ann an tubaist a dh’fhàg ciorramach e, tha e a’ feuchainn ri toirt air Bess fir eile a ghabhail.


Disathairne 21 Giblean aig 7.30f
‘The Artist’ 

2011 Na Stàitean 100 mionaid Str: Michel Hazanavicius
Hollywood 1927. Tha adhbhar aig fear a bha ainmeil sna filmichean balbh a bhith iomagaineach is na deilbh ùra chòmhraiteach air tòiseachadh. A bheil a latha-san seachad? Tha e a’ dèanamh càirdeas ri dannsair òg a th’ air starsaich an t-saoghail mhòir agus a dhorsan a’ fosgladh dhi. Film air leth
dubh is geal a bha am measg nan duaisean aig Fèis Cannes.
Disathairne 05 Cèitean aig 7.30f
‘Tinker, Tailor, Soldier, Spy’ (15) 
2011 An RA 127 mionaid Str: Thomas Alfredson
Tionndadh ùr a choisinn duaisean de sgeulachd Le Carre, suidhichte aig àm anshocrach a’ Chogaidh Fhuair. Bha George Smiley air a dhreuchd mar ghoradair an ìre mhath a leigeil dheth. Tha aige ri dhol an ceann a chosnaidh aon uair eile gus radan Sòbhietach a lorg a rinn nead dha fhèin an sabhal MI5.


2010-2011

Disathairne 30 An Dàmhair 7.30f
'The Boy in the Striped Pyjamas'


Dihaoine 19 An T-Sàmhain 7.30f
's Disathairne 20 An t-Samhain 7.30f
'Africa in Motion'


na Sabaid 5 An Dùbhlachd 7.30f
'Avatar'


Disathairne 18 Dùbhlàchd 7.30f
‘Girl with the Dragon Tattoo’ (18)
(Sweden 152 mion)
Aon den t-sreath leabhraichean a choisinn cliù air leth dhan ùghdar Suaineach Stieg Larsson, ag imeachd gu soirbheachail gu sgàilean nam film


Disathairne 22 Faoileach 2f ‘s 5f
Fèis Film “Discovery”

air chuairt – Fiolmaichean Chloinne Discovery
Taghadh de fhiolmaichean do dh’ òigridh ach a bheir tlachd dha na h-uile.  Nam measg, tha An Gruffalo, Time Trip, Soul Boy, NeuKöln, agus fiolmichean goirid air an riochdachadh le òigridh bho air feadh Alba.

 


Disathairne 5 Gearran 7.30f
‘Tous les Matins du Monde’
(France 1991, 115 mion)
Stèidhichte ri lìnn Louis XIV, an sgeulachd aig sàr-cheòladair, Marin Marais, agus le Gerard Depardieu ‘s a’ mhac a’ cluich pàirt a’ phrìomh character.

 

 


Là na Sabaid 27 Gearran 7.30f
‘Winter’s Bone’ (15)
(UK 2010, 100 mion)
Sealladh de chridhe dorcha coilltean-cùil Ameireagaidh, ach le sgeulachd làn gaoil is dòchais.


 

 

 

 

Disathairne 18 Màrt
‘Black Cat
White Cat’
(Germany 1998)
Fiolm Serbach le Emir Kustucrica mu ghràisgean giopsaidh.

 


Là na Sabaid 3 Giblean 7.30f
‘The Illusionist’ (u)
(France 2009 90 mion)
Beothachadh a thug coig bliadhna san deasachadh leis an fhear-bheothachaidh chliùteach, Sylvain Chomet (Belleville Rendez-Vous) bho scriopt le Jacques Tati.  Tha an stòiridh, air a h-aithris ann am Beurla ‘s an Gàidhlig, stèidhichte ann an Alba.

 


Disathairne 16 Giblean 7.30f
‘Double Indemnity’
(USA 1944, 107 mion)
Sàr chleasaichean Holywood, Edward G Robinson agus Fred McMurray mar charaidean a’ strì a’ lùib mealladh is murt, le Barbara Stanwyck aig cridhe na h-eucoir.

 

 


Disathairne 7 Cèitean 7.30f
‘The Eagle’

(UK 114 mion)
Film den leabhar-chloinne aig Rosemary Sutcliffe mu na Ròmanaich ann am Breatann. Air a’ stiùireadh le Kevin MacDonald, chaidh cuid den fiolmadh a dhèanamh anns a’ Chòigeach agus tha beagan Gàidhlig ìnnte.  Tha cuireadh air a dhol gu Kevin còir gus tadhail oirnn agus a’ film a thaisbeanadh.

 



2009 - 2010

Brùth air na dealbhan airson làrach IMBd

PDF prògram

Là Na Sàbaid 20 Sultain 2009 aig 7.30f
Slumdog
Millionaire (15)
(An Rìoghachd Aonaichte, na h-Innseachan 2008 Str. Danny Boyle 120 mion)
Cò dh’iarras a bhith na mhillean-fhear?
Fhuair Danny Boyle duais Oscair airson an stiùiriche a b’ fheàrr airson seo. Sgeulachd bhlàth-chridheach mu dheugaire am Mumbai a bhuannaicheas an dreach Innseanach de ‘Cò dh’iarras a bhith na mhillean-fhear?


Disathairne 10 Dàmhair aig 7.30f
Sunrise (U)
(Na Stàitean, 1927 Str. FW Murnau Dubh is Geal 95 mion)
An seann sgeulachd (Gaol, Trèigsinn, Call, Saoradh)
Fear de na sàr dhealbhan o linn nam filmichean balbh  -  dealbh mu thriantan gaoil a bhuannaich trì duaisean Oscar.


Là na Sàbaid 8 Samhain  aig 7.30f
Tilaï ~ The Law (PG)

(Burkina Faso 1990 Str. Idrissa Ouedraogo 80 mion)
Ri athair a chaidh i!
Dealbh o stiùiriche a th’ air a bhith adhartach ann an Cinema Afraganach. Tha fear ann an gaol le seann leannan a bh’ aige fhèin uaireigin ach a phòs athair on uair sin. Tha seo a’ fàgail gu bheil cùisean car riaslach ann am baile stolda air Taobh Siar Afraga.
Taisbeanadh le Lizzie Bischoff mu Cinema Afraganach às dèidh làimhe.  Cuideachd:

Diluaine 9 Samhain
10m  Dealbhachd Bheò Afraganach do Chloinn
1f  Sgeulachd Sealgair
, Dealbh Aithriseach, Àrd-Sgoil Phort Rìgh


Disathairne 14 Sultain aig 7.30f
Tulpan
(Kazakhstan 2008 Str. Sergei Dvortsevoy 100 mion)
Steppes We Gaily
Film a choisinn duaisean agus a tha a’ toirt sealladh bàidheil air beatha dhaoine a’ fuireach air an dùthaich ann an Kazakhstan an-diugh. Chaidh seo a shamhlachadh ri  “Nanook of the North” agus “Atanarjuat: the Fast Runner”, filmichean a bh’ air am moladh ann an Club Film roimhe.


Là na Sàbaid 29 Samhain aig 7.30f
La Graine et Le Mulet ~ Couscous

(An Fhraing 2007 Str. Abdel Kechiche)
Bàta- sìl
Comadaidh às an Fhraing.  Le cuideachadh bho theaghlach, tha fear a tha ag obair ann an gàrradh bhàtaichean a’ faighinn a rùn nuair a tha e a’ càradh seann bhàta ’s a’ dèanamh taigh-bìdh innte a tha a’ toirt seachad nam biadhan a ceann a tuath Afraga air an robh e fhèin eòlach a’ fàs suas.


Disathairne 19 Dùbhlachd  aig 7.30f
Sound Of Music (U)
(Na Stàitean, 1965 Str. Robert Wise  Dath 172 mion)
Chì mi na mòr-bheanna!
Òrain am pailteas is Julie Andrews a’ cumail an teaghlaich Von Trapp à crogan nan Nazi.


Disathairne 9 Faoilleach 2010 aig 7.30f
Körkarlen ~ T
he Phantom Carriage 
(An t-Suain 1921 Str. Victor Sjöstrom 93 mion)
Film thar nam filmichean uile!
Ingmar Bergman a thuirt siud ma dheidhinn.  Dealbh Shuaineach a bha adhartach is ùr-ghnàthach ri latha.


Disathairne 23 Faoilleach aig 7.30f
Filmichean air an Canadh

Brod nam filmichean as ùire à Fèis Filmichean Cannes. Chan fhaicear feadhainn dhiubh seo fhathast sna taighean-dhealbh. Prògram ri thighinn.


Disathairne 6 Gearran  aig 7.30f
Pranzo di Ferragosto ~ The Mid-August Lunch (U)

(An Eadailt 2008 Str. Gianni di Gregorio)
Teicheadh à Gomorrah
An dèidh gach dòrainn is àmhghair a bha an cois an fhilm sin, chuir an stiùiriche ùr Ganni di Gregorio na cheann comadaidh teaghlaich a dhèanamh. Cha deigheadh aige air cleasaichean proifeiseanta fhastadh agus thug e na pàirtean dha theaghlach fhèin. Thàinig film a bha air leth soirbheachail mar thoradh air.


Disathairne 27 Gearran aig 7.30f
Bakwji ~ Thirst (18)

(Korea a Deas 2008 Str. Chan-Wook Park)
Tha fuil ort!
Tionndadh ùr-nodha air na bhampaidhrean o stiùiriche aithnichte airson nam filmichean dìoghaltais. Chaidh sagart mì-fhortanach na bhampaidhr an dèidh do dheuchainn mhedigich a dhol ceàrr. Mòr-chòrdte leis an t-sluagh ann an Korea, agus am measg nan duaisean ann an Cannes 2009.


Disathairne 13 Màrt aig 7.30f
Hunger (15)

(An Rìoghachd Aonaichte 2008 Str. Steve MacQueen 96 mion)
Bàsachadh leis an acras!
Dràma àraidh, cumhachdach stèidhichte air na sia seachdainean mu dheireadh ann am beatha Bobby Sands.  Film a chaidh a mholadh dha na speuran agus air an deach duaisean a bhuileachadh; an aon fhilm Breatannach a fhuair dhan liosta ‘Best of 2008 Top Ten Poll’ ann an/aig International Critics.


Disathairne 27 Màrt aig 7.30f
Das Weisse Band ~ The White Ribbon

(A’ Ghearmailt 2008 Str. Michael Haneke)
Meisterwerk
Buannaiche Palme d’Or 2009 aig Cannes. Sgeulachd thrioblaideach suidhichte san dùthaich sa Ghearmailt a tha a’ sealltainn coimhearsnachd troimhe-chèile dìreach ro thoiseach a’ Chogaidh Mhòir. Chithear buaidh Bergmann air an obair seo a chuir seula air cliù Haneke mar stiùiriche.


Disathairne 17 Giblean aig 7.30f
Beàrn do Bhlockbuster eile 
Dè tha thu fhèin a’ moladh?


Disathairne 1 Cèitean aig 7.30f
Vals im Bashir ~ Waltz with Bashir (18)

(Israel 2008 Str. Ari Folman)
Mort mhòr!
Stiùiriche à Israel a’ coimhead air ais gu àm na bheatha a b’ fheàrr leis a leigeil às a chuimhne nuair a bha e ann an airm na dùthcha is iad an lùib mort-sluaigh ann an Sabra agus Shatila ann an Lebanon ann an 1982.  Seo film nach gabhadh a dhèanamh tro mheadhan sam bith eile ach dealbhan beò.  Tuairisgeul aognaidh is iongantach air cuspair a’ ghràin agus na nithean a thig na chois.


Là na Sabaid 16 Cèitean aig 7.30f
Antichrist (18)

(An Danmhairc 2008 Str. Lars Von Trier )
An stoidhle dogme aig an ìre as connspaidiche. Tha am film buaireasach seo air sgaraidhean a dhèanamh am measg luchd lèirmheas leis an dòigh sa bheil e a’ sealltainn cupall aig sùilean dubha a chèile air dhaibh leanabh a chall. A bheil e airidh air a mhì-chliù a choisinn e? Bidh a bheachd fhèin aig gach neach a chì e. Thig rabhadh an cois an fhiolm seo nach còrd e leis a h-uile duine.

site map | cookie policy | privacy policy | accessibility statement